Mobile Virtual Learning for Indigenous Languages
01.10.2019 –  28.02.2022
Project Reference: 2019-1-UK01-KA204-061875

Chaidh 2019 a chomharrachadh Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànanan Dùthchasach (Rùn UN 71178 air Còraichean Tùsanaich). Tha crìonadh no caill èiginneach na cànanan sa air oidhirpean mion-chànanan agus cànanan ann an cunnart a leasachadh a thoirt am follais. Air sgàth seo tha an AE air gealladh beatha agus slighe air adhart Cànanan ann an Cunnart (mar a th’ aca orra) a dhìon. Tha Cairt Eòrpach nam Mion-Chànan na Comhairle Eòrpaich a’ comharrachadh foghlam agus ionnsachadh cànan mar phrìomhachasan, air sgàth gainnead cothroman foghlaim ann an coimhearsnachdan mion-chànanan, ann an cuid sgìrean mar eisimpleir chan urrainnear an cànan ann an cunnart ionnsachadh ach mar chuspair ‘cèin’.

Mar sin, tha prìomhachasan ar pròiseact co-thaobhaiche le prìomhachasan an AE agus oidhirpean na 128 cànanan ann an cunnart anns an AE a leasachadh agus a dhìon (faic aithisg 2013 le EP DG “Endangered Languages and Linguistic Diversity in the European Union”). A-rèir UNESCO tha cànan ann an cunnart nuair a stadas luchd-labhairt ga bruidhinn, no ga bruidhinn cho tric is nach eil iad ga toirt air adhart dhan ath ghinealach.

Leasachaidh ar pròiseact, IndyLan,air a dhealbhachadh chan e a-mhàin mar ghoireas ionnsachaidh labhairt cànanan ann an cunnart ach cuideachd fiosrachadh mu dheidhinn luchd-labhairt na cànanan. Tha a’ ghoireas na dhòigh ionnsachaidh tro gheama ann an cruth app so-ghluasad. Tha fònaichean tapaidh air fàs mar ghoireas foghlaim agus tha àireamh chleachdaidhearan aig a h-uile aois air fàs san AE. Cuidichidh aplacaid IndyLan luchd-labhairt na Beurla, Spàinntis, Nirribhidhis, Suainis agus Fionnlannais gus Gàidhlig, Albais, Còrnais, Basgais, Gailìsis agus Sàmais ionnsachadh. Tha iad uile ann an cunnart aig diofair ìrean.

Tha an aplacaid a togail air pròiseact eile, Moving Languages, am prìomh eadar-dhealachadh gun leasaich IndyLan aon aplacaid airson a h-uile cànan, seach apalacaidean fa leth aig gach cànan mar a rinn Moving Languages. Bidh stòir-dàta le mu 4,000 clàran ann an IndyLan (an dà chuid faclan is abairtean) ann am mu 100 roinn-seòrsa. Bidh na modhan a leanas anns an aplacaid; Briathrachas, Abairtean, Còmhraidhean, Gràmar, Cultar, Measadh.

Gabhaidh am briathrachas a chleachdadh ann an diofar modhan ionnsachaidh. Bidh tòrr aca le dealbhan gus aithneachadh gu furasta. Bidh fuaimean ann airson briathrachas, còmhradh, abairtean is mar sin air adhart. Bidh cuideachd taba Cultar san aplacaid le teasaichean, ceòl agus dealbhan, far an urrainn cleachdaidhearan barrachd ionnsachadh mu luchd-labhairt na cànanan ann an cunnart a chaidh ainmeachadh. Chan eilear a’ comharrachadh luchd-labhairt agus cànanan sgaraichte o chèile aig IndyLan.

Gheibhear aplacaid IndyLan air loidhne an asgaidh air iOS agus Android bhon Ògmhios 2021. Coltach ri a h-uile aplacaid ionnsachaidh cànan, obrachaidh IndyLan le cùrsaichean cànan agus cultar eile mar ghoireas fèin ionnsachaidh. ’S e ar n-amas gun cuidich IndyLan ath-bheothachadh cànanan ann an cunnart gus am mair na cànanan beò agus freagairt air an latha an-diugh ann an co-theacsa sòisealaich agus eaconamaich.

INDYLAN-Brochure-GAELIC