Co-òrdanaiche

Roinn Cànanan agus Eòlas Eadar-chultarail (LINCS), Oilthigh Heriot-Watt, Dùn Èideann.

Tha Oilthigh Heriot-Watt na oilthigh treòrachaidh san RA, le àrainnean ann an Alba, Dubai agus Malaidhsea. Tha fòcas LINCS air eadar-theangachadh sgrìobhte agus cainnte, a bharrachd air (eadar-)c(h)ultarail leithid dualchas cultair beò, poiliseadh cànan, dearbh-aithne agus imrich. O chionn fhada tha sinn air cùrsaichean a thabhainn le fòcas air dòighean cleachdaich agus cleachdadh proifeasanta cànan agus sgilean conaltraidh.

Tha ar n-Ionad Rannsachaidh Eadar-chultarail (IRC) a’ sgrùdadh cùisean eadar-chultarail ann an co-theacsa atharrachaidh saoghail. A’ leasachadh tuigse air eòlais ann a bhith beò ann an, no eadar, cultaran eadar-dhealaichte na chuspair cudromach nar rannsachadh. Air sgàth an eòlas sa tha sinn air taic airgid AE fhaighinn do phròiseactan tùsaireach leithid New Speakers in a Multilingual Europe, RADAR, IMPLI, CO-Minor/Inquest, Justisigns, Medisigns, Insign, CoHERE, Moving Languages, Intercultural Training for Educators (InterTrainE) agus eile. Tha sinn cuideachd a’ stiùireadh no an sàs ann am pròiseactan Happy to Translate, a bhrosnaicheas cothroman air sheirbheisean sna raointean poblaich is saor-thoilich dhan fheadhainn aig a bhiodh cànan na chnap-starra an Alba; Translating the Deaf Self; Place and Memory in Europe; agus Imaginaries of Home.

Co-òrdanaiche Pròiseict IndyLan

Dr Katerina Strani,  A.Strani@hw.ac.uk

Fòn: +44 131 451 4216

https://researchportal.hw.ac.uk/en/persons/katerina-strani-jefferson

Twitter: @KaterinaStrani 


Comhairle na Còirne

Tha Comhairle na Còirne na Ùghdarras Aonadach dhan Chòrn san Rìoghachd Aonaichte. Stiùiridh Comhairle na Còirne prògram Còrnais agus e air Oifis Chòrnais a stèidheachadh. Tha uallach air Stiùiriche Chòrnais cleachdadh na cànain a leasachadh ann an obair na Comhairle, a’ comhairleachadh buidhnean a tha airson Còrnais a chleachdadh agus pròiseactan sa choimhearsnachd a cho-òrdanachadh.

Tha an Ro-innleachd Chòrnais 2015-2025 a’ comharrachadh leasachadh na cànain san am ri teachd agus e ann an ceithir prìomh phàirtean: Inbhe, Cleachdadh, Togail Cànain agus Corpas. ’S iad amasan an Ro-innleachd àireamh luchd-labhairt agus cothroman cleachdaidh Còrnais a leudachadh. Tha staid Còrnais nas treasa na bha e o chionn fhada, ach coltach ri mion-chànanan air fad, tha feum air prògram gus a’ chànan a dhìon agus a leasachadh.

Gach bliadhna, cumaidh Oifis Chòrnais taic ri diofar pròiseactan a leudaicheas cleachdadh agus leasachadh na Còrnais. Gheibhear liosta na pròiseactan a tha agus a bha againn an seo.

Cuir Fios Gu

Cornish Language Office 
Cornwall Council , 5th Floor, Zone A, Pydar House, Truro, TR1 1XU

Stiùiriche Chòrnais: Mark Trevethan

Fòn: +44 (0)1872 323497

Post-d: cornishlanguage@cornwall.gov.uk


Comhairle nan Sàmi

’S e buidheann saor-thoilich (neo-riaghaltasach) a th’ ann an Comhairle nan Sàmi, le buill buidhne ann am Fionnlainn, An Ruis, Nirribhidh agus an t-Suain. Bho na chaidh a stèidheachadh ann an 1956 tha Comhairle nan Sàmi air gnìomhan poiliseadh Sàmi a làimhseachadh. Mar sin, tha Comhairle nan Sàmi am measg na buidhnean tùsanaich as sine. Tha obair Comhairle nan Sàmi stèidhichte air co-dhùnaidhean, aithrisean, foirghill agus prògraman poilitigich Co-labhairt nan Sàmi.

’S e prìomh amas Comhairle nan Sàmi còraichean is beachdan Sàmi a riochdachadh sna ceithir dùthchannan sa bheil na Sàmi a’ fuireach. ’S e prìomh gnìomh Comhairle nan Sàmi càirdeas a bhrosnachadh am measg muinntir Sàmi, aithne fhaighinn dhan Sàmi mar dhùthaich agus còraichean cultarail, poilitigeach, eaconamach agus sòisealach a dhìon ann an reachdas na ceithir stàitean (Nirribhidh, An t-Suain, An Ruis agus Fionnlainn). Cuideachd tro aontaidhean eadar stàitean agus buidhnean riochdachaidh Sàmi. Tha Comhairle nan Sàmi an sàs ann am pròiseasan eadar-nàiseanta air chuspairean leithid tùsanaich, còraichean daonna, Artach agus an àrainneachd.

Bheir Comhairle na Sàmi beachdan seachad air ceistean ceangailte ri dòighean-beatha, còraichean, cànan agus cultar muinntir Sàmi agus gu h-àraidh air cùisean mun deidhinn ann an diofar dhùthchannan.

Cruinnichidh Comhairle na Sàmi mu dhà uair sa bhliadhna gus bruidhinn air cùisean air còraichean is cultar na Sàmi agus tùsanaich eile. ’S iad A’ Bhuidheann-gnìomha agus Rùnaireachd buidhnean ullachaidh na Comhairle. Thèid obair òrdaichte Comhairle na Sàmi a chur an gnìomh le aonadan àraidhichte. Tha co-obrachadh cultair Sàmi an urra ri comataidh na cultar. ’S iad uallaichean na comataidh eòlas air cultar na Sàmi a’ leudachadh is a’ sgaoileadh, a’ leasachadh co-obrachadh eadar buidhnean cultarail agus Comhairle na Sàmi agus maoineachadh cultarail a sgaoileadh.

Tha Comhairle na Sàmi air maoineachadh le grantaichean. Tha Ceann Suidhe na c(h)araiche na Comhairle, is iad anns an dreuchd taghte fad dà bhliadhna.

Cuir Fios Gu: Áile Jávo, Secretary General, Saami Council

SEÒLADH
SÁMIRÁĐĐI / SAAMI COUNCIL, Postboks 162, N-9735 Kárášjohka/Karasjok
NORWAY

POST-D: saamicouncil@saamicouncil.net

FÒN +4748021734


Asociación Moviéndote

’S e comann MOVIÉNDOTE buidheann neo-phrothaid air a stèidheachadh le eòlaichean foghlaim, in-ghabhail shòisealta, fastachd agus co-ionannachd chothroman. Daoine à diofar roinnean sòisealtais le amas oidhirpean a cheangal gus uallach a ghabhail mu ar n-àrainneachd fhèin agus gus am bi daoine a’ dol an sàs sna diofar roinnean sòisealtais.

Obraichidh Moviéndote le agus airson buidheann a th’ ann an cunnart às-dùnadh sòisealta agus brosnaichidh e rannsachadh, trèanadh, obair saor-thoilich agus saoranachd gnìomharach gus buidhnean eadar-chultarach is eadar-ghinealaichean.

Barrachd Fiosrachaidh Aig www.moviendote.org

Cuir Fios Gu: Jaione Santos Miguel

Seòladh: Centro Voluntariado Gobelaurre, Parque Gobelaurre s/n – 48930 Getxo, BILBAO, Spain.

Post-d: asociacionmoviendote@gmail.com

Twitter – @asoc_MOVIENDOTE

Facebook – https://www.facebook.com/moviendote.getxo

Instagram – https://www.instagram.com/moviendote/


Learnmera Oy

’S e Learnmera Oy buidheann foghlaim agus eadar-theangachaidh ann an sgìre mòr-roinn Helsinki, a bhiodh a’ lìbhrigeadh clasaichean cànain gnìomhachais, eadar-theangachaidhean agus seirbhisean dearbhaidh-leughadh. Tha cùrsaichean rim faighinn sna prìomh chànanan Lochlannaich agus Eòrpaich a’ bharrachd air cùrsaichean luchd-tòiseachaidh ann am Beurla Fionnlannais, Suainis, Gearmailtis agus Ruiseanais. Tha eòlas farsainn aig Learnmera Oy air cruthachadh goireasan foghlaim, leasachadh lìn agus aplacaid a bharrachd air cùrsaichean dreuchdail air loidhne. Chaidh na goireasan ionnsachaidh foghlaim agus cultarail a luchdachadh a nuas an asgaidh ceudan mìle turais. Tha Learnmera Oy air a bhith an sàs ann an diofar pròiseactan Eòrpaich o 2008.

A bharrachd air na chaidh ainmeachadh gu h-àrd, bidh Learnmera cuideachd a’ lìbhrigeadh seirbhisean TF ag amas air cliantan agus institiùdan a tha ag amas air eadar-oibreachaidhean custamair agus meadhanan sòisealta a leasachadh.

Gabhaidh liosta phròiseactan anns an robh Learnmera an sàs a leughadh an seo.

Cuir Fios Gu: Veronica Gelfgren, veronica@learnmera.com  

+358 45 169 5454

www.learnmera.com  

www.thelanguagemenu.com